Notaichean Phàrant

'S e cruinneachadh de gheamannan àireamh do chlann sna h-ìrean tràth den bhun-sgoil a th' ann an Aon, Dhà, Trì. Bidh Coineanach, Sionnach is Eun gad stiùireadh tro thrì seataichean ghnìomhan a th' air an dealbh gus smaoineachadh ro-innleachdail matamataig agus fuaisgleadh cheistean a bhrosnachadh.

Tha Aon, Dhà, Trì a' tòiseachadh le sgeulachd nan triùir a' fàgail an dachaigh agus a' dol a-mach air chuairt. Airson an ro-ràdh seo a sheachnadh agus a dhol dìreach gun chrois-rathaid, cliog air a' phutan san oir dheis aig a' bhonn. Aig a' chrois-rathaid faodaidh tu taghadh dè am beathach a tha thu airson a leantainn le bhith a' cliogadh air a' cheum air cùl a' Choineanaich, an t-Sionnaich no an Eòin.

Aon, Dhà, Trì

Tha dà sheòrsa gnìomh co-cheangailte ri gach beathach:

• amas mìnichte, a dh'fheumar a choileanadh le cho beag oidhirpean 's a ghabhas, aig na Geamannan (slighe a' chupa). Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh a rèir àireamh nan oidhirpean a thèid a ghabhail.
• obair neo-chuibhrichte far a bheil clann air am brosnachadh gu bhith a' rannsachadh is ag obair nan dòigh fhèin tha Gnìomhan Rannsachaidh (slighe a' bhailiùin).

Geamannan an t-Sionnaich

Tha 60 gèam anns gach earrainn, air an roinn ann an sia buidhnean de dheich geamannan le doirbheachd meudachail. Faodar na geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith.

Eun
Tha na geamannan sin coltach ri gnìomhan clasa far am bi clann a' cleachdadh ciùban co-naisgte airson an cuideachadh len obair àireimh. 'S e amas nan geamannan sin creutairean rin canar Sgogain a stiùireadh chun rùm stòrais. Feumar na Sgogain a rèiteachadh gus am bi na ceart-chearnachan a chruthaicheas iad den mheudachd is den chumadh ceart airson gluasad air adhart gun ath phàirt den obair.

Sionnach
Tha na geamannan sin coltach ri gnìomhan cunntaidh far am bi clann a' cleachdadh nithean mar cunntairean, grìogagan no blocaichean airson obair àireamh a dhèanamh. 'S e amas nan geamannan sin a bhith a' lìonadh soithichean-fànais leis an àireamh cheart de chreutairean rin canar Smeabalan.

Coineanach
'S e gnìomhan loidhne àireimh a tha seo far am bi thu a' toirt air a' Choineanach a bhith a' leum suas is sìos loidhne aireimh, a' dèanamh cinnteach gun socraich e air na glasraich bhlasta is gun seachain e na h-uilebheistean. Bidh Coineanach a' leughadh a-mach nan àireamhan cuir ris is thoir air falbh a dh'obraich e a-mach mar a tha e a' leum air ais is air adhart.

Tha trì roghainnean ann nuair a bhios gèam air a choileanadh.

i. Coimhead air Bhidio
Cliog air ìomhaigh an telebhisein airson coimhead ri bhidiothan de dh'òrain tarraingeach a bhrosnaicheas clann gus na ro-innleachdan a leanas a chleachdadh airson cuisteanan fhuasgladh:

a' planadh
a' feuchainn is a' leasachadh
a' smaoineachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte
a' lorg phàtrain
a' lorg dòigh-obrach a tha freagarrach
a' cur duilgheadas ann an suidheachadh cumanta
a' dèanamh dealbh dhen duilgheadas
a' bruidhinn mu dhuilgheadasan
a' faighneach 'dè ma?'
a' briseadh dhuilgheadasan sìos
a' lorg dol-às nuair nach eil an t-slighe sìmplidh.

ii. Coimhead ri Ath-chluiche
Cliog air an ìomhaigh ath-chluich airson clàradh den ghèam a tha thu air a chluich fhaicinn. Faodaidh seo do chuideachadh ag obrachadh a-mach dòigh anns am faodadh tu a bhith air ro-innleachd eadar-dhealaichte a chleachdadh airson sgòr na b' fheàrr fhaighinn.

iii. Cluich an Gèam a-rithist
Cliog air ìomhaigh na saigheid ma tha thu airson chluich a-rithist gus sgòr nas fheàrr fhaighinn mur d' fhuair thu cupa òir a' chiad turas.

Fuaim
Cuir am fuaim air gus an cluinn thu an cuideachadh is am fiosrachadh a tha Coineanach, Sionnach is Eun a' tabhann.

Faodar ceòl a' gheama a chur air is dheth le bhith a' bruthadh iuchair 'm'.

Notaichean Phàrant - Geamannan a' Choineanaich

Cliog air ìomhaigh a' chupa airson na geamannan a chluich. 'S e amas nan geamannan sin toirt air Coineanach na glasraich gu lèir air an loidhne àireimh ithe le cho beag oidhirpean 's a ghabhas.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta is gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an 6 buidhnean de 10 geamannan de dhuilgheadas co-ionann:

• grian(1 gu 10)
• oidhche (11 gu 20)
• sneachd (21 gu 30)
• laighe-grèine (31 gu 40)
• fànas (41 gu 50)
• baile mòr (51 gu 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam aig gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile mus fhaigh thu air fhosgladh.

Amasan a' Gheama
Thoir air a' Choineanach socrachadh air na glasraich le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh aig crìoch gach geama a rèir àireamh nan oidhirpean a chaidh a dhèanamh. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart tha an àireamh oidhirpean air a thaisbeanadh air oir dheis an sgriona aig a' bhonn. Tha oidhirp a' gabhail a-steach:

• meud an leum atharrachadh
• a' dèanamh leum.

Stiùireadh a' Gheama

• Tha àireamh nan oidhirpean a dh'fheumas Coineanach airson an gèam a chrìochnachadh air na bogsaichean air oir dheas na sgriona aig a' mhullach.

• Cliog air an t-saighead uaine airson toirt air Coineanach leum air an loidhne àireimh.

• Cliog air a' phutan thoir air falbh (no brùth iuchair chlì na saigheid air a' mheur-chlàr) no brùth air a' phutan cur ris (no brùth iuchair dheas na saigheid) airson atharrachadh a dhèanamh air an taobh a leumas Coineanach.

• Cliog air na siutan àireimh fon loidhne àireimh (no brùth an iuchair co-fhreagrach air a' mheur-chlàr) gus meud leum a' Choineanaich a thaghadh.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air glasraich tha e air ithe agus falbhaidh an glasraich bhon loidhne àireimh.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air uilebheist thèid a shadadh bhon loidhne àireimh mus tèid a chur air ais air an loidhne aig 0.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air trampoline nì e leum a bhios co-ionann ris an àireamh a th' air.

• Airson sealladh fhaighinn air na tha gu deas is clì air an loidhne àireimh, cuir an cùrsair air oirean deas is clì an sgriona.

Gnìomhan Rannsachaidh a' Choineanaich
Cliog air comharra a' bhailiùin air ceum a' Choineanaich airson na Gnìomhan Rannsachaidh a thaghadh. 'S e gnìomhan neo-chuibhrichte a th' annta sin far nach eil ro-thargaidean suidhichte agus bu chòir a' chlann a bhrosnachadh gus rannsachadh agus obrachadh nan dòigh fhèin. Tha iad air an dealbh airson a bhith air an cluich le clann nan aonar, le pàiste eile no le pàrant no tidsear. Faodaidh tu do thòimhseachain fhèin a chruthachadh anns na gnìomhan rannsachaidh. Faodaidh tu na glasraich, na h-uilebheistean is na trampolines a tha air an loidhne àireimh mu thràth a ghluasad is atharrachadh agus feadhainn eile a chur rithe.

Tha Rannsachadh 1 (am bailiùn clì) a' toirt fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• àireamhan corra is cothromach
• dùblachadh
• obair mhiùtach shìmplidh.

Tha Rannsachadh 2 (am bailiùn deas) a' toirt fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 6, 7, 8 agus 9
• iomadan de 2, 5 agus 10
• obair mhiùtach.

Stiùireadh Rannsachaidh
• Airson rudan a th' air an loidhne àireimh mu thràth a ghluasad, cliog orra agus slaod iad gun suidheachadh ùr. Airson sùil a thoirt tro na roghainnean, faodaidh tu am feartan atharrachadh le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga a nochdas.

• Airson rudan a thoirt às faodaidh tu cliogadh orra is an slaodadh gun àite fon loidhne àireimh.

• Airson glasraich is uilebheistean a chur rithe cliog air ìomhaighean a' churrain is nan uilebheistean san oir dheis aig a' bhonn agus slaod an cuspair gun loidhne àireimh. Faodaidh tu an glasraich non uilebheist a tha thu ag iarraidh a thaghadh le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga airson sùil a thoirt tro na roghainnean.

• Airson trampolines a chur ris an loidhne àireimh, cliog air ìomhaigh an trampoline san oir dheis aig a' bhonn agus slaod e gun loidhne àireimh. Tagh dè cho fada agus dè an taobh a leumas Coineanach nuair a shocraicheas e air an trampoline le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga airson sùil a thoirt tro na roghainnean. Ma thaghas tu trampoline na roinneig, bidh leum a' Choineanaich co-ionann ris an leum a rinn e airson socrachadh air an trampoline sin.

• Nuair a nochdas bailiùn dearg, thoir air a' Choineanach socrachadh air airson gnìomh rannsachaidh ùr a thòiseachadh.

Notaichean Phàrant - Geamannan an Eòin

Cliog air comharra a' chupa airson na geamannan a chluich. Cuidich Eun le bhith a' gluasad na Sgogain gun rùm stòrais leis an àireamh oidhirpean as lugha. Dèan ceart-cheàrnach no ceàrnag Sgogain den mheudachd cheart gus am faigh e air gluasad bho aon rùm gun ath fhear. Cleachd na cuspairean a th' anns an rùm gus do chuideachadh.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta agus gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an sia buidhnean de dheich gheamannan de dhuilgheadas co-ionann:

• Làbha (1 to 10)
• Criostal (11 to 20)
• Fàsach (21 to 30)
• Dlùth-choille (31 to 40)
• Snàigear (41 to 50)
• Fiacail (51 to 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam aig gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile airson fhosgladh.

Amasan nan Geamannan
'S e an t-amas agad an Sgogan a stiùireadh chun rùm stòrais le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a thoirt seachad aig crìoch gach geama a rèir an àireamh oidhirpean a bh' ann. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart tha an àireamh oidhirpean gan taisbeanadh aig oir chlì an sgriona aig a' mhullach. Tha na leanas a' cunntadh mar oidhirp:

• a' cur car den Sgogan
• ag ath-shuidheachadh Sgogain
• a' cleachdadh nan innealan cur ris, toirt air falbh, iomadachaidh, roinnidh, dùblachaidh no letheachaidh
• a' gluasad bho aon rùm gu fear eile.

Stiùireadh nan Geamannan
• Cliog air an Eun airson cuideachadh claistinneach.
• Cliog air ceart-cheàrnach Sgogain airson an àireamh a tha na bhroinn a thaisbeanadh.
• Cleachd na putanan air a' chlàr clì airson ceart-cheàrnach Sgogain a ghluasad, a chur mu chuairt is ath-rèiteachadh. Tha map an tòimhseachain a' nochdadh air an làimh dheis.

Am Putan Cuairteachaidh
Am Putan Cuairteachaidh Cliog air an seo (no brùth air bar-beàrn a' mheur-chlàr) airson car cairtealach a chur dhan Sgogan.

Am Putan Ath-rèiteachaidh
Am Putan Ath-rèiteachaidh Cliog air an seo gus an Sgogan ath-rèiteachadh gu ceart-cheàrnach de dhiofar fhaid is leòid.

Putan Ath-thòiseachaidh an Rùim
Putan Ath-thòiseachaidh an Rùim Tha seo a' toirt cothrom dhut a dhol air ais agus an gèam a thòiseachadh a-rithist.

Putanan Gluasaid
Putanan Gluasaid Cliog air na putannan gluasaid (no cleachd na h-iuchraichean saigheid air a' mheur-chlàr) airson an Sgogan a ghluasad san rùm agus gu rumannan eile.

Map
Tha am map sa chlàr dheis a' sealltainn nan rumannan sa ghèam. Cliog air rùm airson faicinn a-steach ann.

Cuspairean a' Gheama
Tha na cuspairean a leanas sna geamannan:

Doras
Putan an Doras Tha dorsan a' toirt cothrom dha Sgogan a dhol troimhe gun ath rùm. Chan urrainn dha ceart-cheàrnach an Sgogain a dhol tro dhoras mur eil e an aon leud ris an doras sin m.e. le doras a tha ceithir blocaichean a leud 's e a-mhàin ceart-cheàrnach Sgogain de cheithir bhlocaichean a leud a gheibh troimhe.

Ioma-shruth
Putan Ioma-shruth Bheir ioma-shruthan cothrom dha àireamh shònraichte de Sgogain a dhol troimhe gun ath rùm. Feumaidh an dearbh àireamh a th' air a thaisbeanadh air an ioma-shruth a bhith air ceart-cheàrnach Sgogain mus fhaigh e troimhe m.e. cha cheadaich ioma-shruth le àireamh dhà-dheug ach ceart-cheàrnach le dhà-dheug Sgogan a dhol troimhe.

Tunail
Putan an Tunail Tha tunailean a' toirt cothrom dha Sgogan a dhol troimhe gun ath rùm. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon mheud is chumadh ris an tunail mus fhaigh e air a dhol troimhe.

Inneal Cuir-ris
Putan an t-Inneal Cuir-ris Tha an cuspair seo a' cur tuilleadh Sgogain ris. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e, m.e. chan obraich an t-inneal a bhios a' cur dà Sgogan ris ach a-mhàin le ceart-cheàrnach Sgogain a tha de leud dà bhloca.

Inneal Toirt air Falbh
Putan an t-Inneal Toirt air falbh Tha seo a' toirt air falbh Sgogan. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e, m.e. chan obraich an t-inneal a bhios a' toirt dà Sgogain air falbh ach a-mhàin le ceart-cheàrnach Sgogain a tha de leud dà bhloca.

Inneal Letheachaidh
Putan an t-Inneal Letheachaidh Tha seo a' dèanamh leth air àireamh nan Sgogan. Faodaidh a' cheart-cheàrnach a bhith de chumadh is mheud sam bith.

Inneal Dùblachaidh
Putan an t-Inneal Dùblachaidh Tha seo a' dùblachadh àireamh nan Sgogan. Faodaidh a' cheart-cheàrnach a bhith de chumadh is mheud sam bith.

Inneal Iomadachaidh
Putan an t-Inneal Iomadachaidh Tha seo ag iomadachadh àireamh nan Sgogan a rèir àireamh nan ceàrnag na leud, m.e. nì inneal iomadachaidh a tha dà bhloca de leud iomadachadh air àireamh nan Sgogan le dhà. Chan obraich an t-inneal seo ach a-mhàin ma tha ceart-cheàrnach Sgogain an aon leud ri gàirdeanan an inneil.

Inneal Roinnidh
Putan an t-Inneal Roinnidh Tha seo a' dèanamh roinneadh air àireamh nan Sgogan a rèir àireamh nan ceàrnag a tha na leud, m.e. roinnidh inneal roinneachaidh a tha de leud dà bhloca àireamh nan Sgogain le dhà. Chan obraich an t-inneal ach a-mhàin ma bhios ceart-cheàrnach Sgogain an aon leud ri gàirdeanan an inneil.

Gnìomhan Rannsachaidh an Eòin
Cliog air comharra a' Bhailiùin air ceum an Eòin airson na gnìomhan Rannsachaidh a thaghadh. 'S e geamannan neo-chuibhrichte a th' annta far nach eil targaidean sam bith suidhichte agus thathas a' brosnachadh na cloinne gu bhith a' rannsachadh nan dòigh fhèin. Tha iad air an dealbh gus an cluich clann leotha nan aonar, le pàiste eile no le pàrant no tisdear.

Ann an Rannsachadh 1 (am bailiùn air an làimh chlì) tha fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• obair mhùiteach shìmplidh.

Ann an Rannsachadh 2 (am bailiùn air an làmh dheis) tha fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart ann am buidhnean de 6, 7, 8 agus 9
• iomadan de 2, 5 agus 10
• obair mhùiteach.

Stiùireadh Rannsachaidh
• Faodar na tòimhseachain atharrachadh le bhith ag atharrachadh feartan nan cuspairean a th' anns na rumannan. Ma tha thu airson cuspair atharrachadh cliog air agus an uairsin cleachd na putanan cur ris is thoir air falbh a nochdas gus a dhèanamh nas motha no nas lugha.

• Faodar cuideachd cuspairean ùra a thoirt a-steach. Tha ìomhaighean ann airson dorsan, innealan cur ris is toirt air falbh air clàr dheis an sgriona. Airson aon de na cuspairean sin a shuidheachadh ann an rùm, cliog air ìomhaigh agus slaod dhan rùm e. Cleachd na putanan cur ris is thoir air falbh airson an cuspair a dhèanamh freagarrach. Thoir cuspairean air falbh bho rumannan le bhith a' cliogadh orra agus gan slaodadh a-mach. Faodaidh tu rùm ùr a chruthachadh le bhith a' cur doras air balla agus a' gluasad an Sgogan troimhe.

• Nuair a nochdas bailiùn dearg gluais an Sgogain thuige agus tòisich gèam ùr.

Notaichean Phàrant - Geamannan An t-Sionnaich

Cliog air comharra a' chupa airson na geamannan a chluich. Cuidich Sionnach a' lìonadh nan soithichean-fànais leis an àireamh cheart de Smeabalan le na h-àireamhan as lugha de dh'oidhirpean. Tha an àireamh a tha riatanach air a taisbeanadh air na soithichean. Ann an cuid de gheamannan feumaidh tu an soitheach-fànais a lìonadh a rèir na riaghailt a th' air cliathaich na soithich, m.e. àireamhan cothromach a-mhàin no iomadan de 10 a-mhàin.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta is gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an 6 buidhnean de 10 geamannan den aon ìre duilgheadais:

• sgòth (1 gu 10)
• tràigh (11 gu 20)
• sgoltadh (21 gu 30)
• caisteal (31 gu 40)
• pioramaid (41 gu 50)
• coille (51 gu 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam anns gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile airson fhosgladh.

Amasan nan Geamannan
'S e an t-amas a th' agad an soitheach-fànais a lìonadh le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh aig crìoch gach geama a rèir na chaidh a dhèanamh de dh'oidhirpean. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart bidh an àireamh oidhirpean ga thaisbeanadh air oir dheis an sgriona aig a' mhullach. Tha na leanas a' cunntadh mar oidhirp:

• a' cur Smeabalan ris a' sgàineadh
• a' toirt Smeabalan air falbh bhon sgàineadh
• a' falmhachadh an sgàinidh le putan glanaidh
• a' sgèith an t-soithich-fànais thairis air an sgàineadh.

Stiùireadh a' Gheama
• Airson na Smeabalan a shuidheachadh anns an sgàineadh, cliog air na botail ri oir an sgàinidh. Bidh àireamh nam botal eadar-dhealaichte bho ghèam gu gèam.

• Cliog air a' phutan cuir ris airson toirt air na botail Smeabalan a chur ris an sgàineadh.

• Cliog air a' phutan thoir air falbh airson toirt air na botail Smeabalan a thoirt air falbh bhon sgàineadh.

• Nuair a bhios an àireamh cheart de Smeabalan sa bhotal, cliog air an t-soitheach-fànais airson toirt oirre sgèith os cionn an sgàinidh agus Smeabalan a thoirt suas.

• Cliog air a' phutan glanaidh (ri taobh putanan cuir ris is thoir air falbh) airson na Smeabalan uile a thoirt às an sgàineadh.

• Nuair a tha botal aig taobh deis an t-sreatha falamh faodaidh tu taghadh an àireamh Smeabalan a chuireas am botal ris an sgàineadh. Cliog air a' bhotal fhalamh gus toirt air na Smeabalan a chur dhan sgàineadh is an stòradh ann. Cliog air a-rithist gus toirt air an sgàineadh a lìonadh leis an àireamh Smeabalan a ghabh e a-steach. Cliog air a' phutan glanaidh ri thaobh airson na Smeabalan a thoirt às.

• Nuair a tha cuid de dh'uinneagan an t-soithich falamh, feumaidh tu sreath nan àireamhan sna h-uinneagan a chomharrachadh agus na h-uinneagan falamh a lìonadh le àireamhan a tha a' coileanadh an t-sreatha.

• Bidh botail bhoillsgeach a' dol à sealladh nuair a thèid an cleachdadh aon uair is mar sin nuair a chluicheas tu geamannan anns a bheil iad sin, feumaidh tu smaoineachadh eadhon nas faiceallaiche mu mar a tha thu dol a dhèanamh an-àirde na h-àireamhan a dh'fheumas tu.

• Cliog air an sgàineadh gus taisbeanadh àireamh nan Smeabal air na botail agus san sgàineadh.

• Cliog air a' phutan ath-thòiseachaidh san oir dheis aig a' mhullach airson an gèam a chluich a-rithist bhon toiseach.

• Innsidh Sionnach dhut dè an t-suim a rinn thu agus nochdaidh an t-suim aig oir chlì an sgriona, aig a' bhonn.

• Chan fhaodar buinn sam bith a bhuainnichear is a chaidh a thaisbeanadh a chumail ach a-mhàin fhad 's a tha an gèam sònraichte sin a' dol air adhart.

• Cha ghabh am broinn an sgàinidh ach 100 Smeabalan.

• Cliog air Sionnach airson cuideachadh.

Geamannan Rannsachadh an t-Sionnaich
Cliog air comharra a' bhailiùin gus trì geamannan neo-chuibhrichte a chluich. Tha soithichean is botail air an suidheachadh an toiseach gus brosnachadh a thoirt do rannsachadh air bun-bheachd shònraichte ach chan eil targaidean ro-shuidhichte sam bith ann. Tha iad air an dealbh airson gun cluich clann iad nan aonar, le pàiste eile no le pàrant no tidsear.

Tha trì gnìomhan rannsachaidh ann:

Rannsachadh 1 (Soitheach-fànais orains)
Lìon na tuill san t-soitheach chnagan leis an àireamh Smeabalan a tha a rèir an àireimh a tha sgrìobhte air a cliathaich. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh. Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:

• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• dùblachadh.

Rannsachadh 2 (Soitheach-fànais uaine)
Lìon an t-soitheach-fànais fhalamh le na thogras tu de Smeabalan. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh. Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:

• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 5, 6, 7, 8, 9 agus 10.

Rannsachadh 3 (Soitheach-fànais dhearg)
Lìon an t-soitheach riaghailt leis an àireamh de Smeabalan a tha a' gabhail ris an riaghailt a tha sgrìobhte air a cliathaich. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh.

Tha an riaghailt a' gabhail a-steach:
• àireamhan corra
• àireamhan cothromach
• iomadan de 2
• iomadan de 5
• iomadan de 10
• àireamhan a' crìochnachadh le 0.

Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:
• iomadan de 2, 5 agus 10
• àireamhan corra is cothromach
• àireamhan a' crìochnachadh le 0.

Taic Fuaim is Teacsa

Faodaidh luchd-cleachdaidh cliogadh air a' phutan, Roghainnean, airson:

• teacsa an sgrion ath-mheudachadh agus atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil
• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan a thabhainn airson a' chuid mhòr de shusbaint bhidio is claistinneach.

Chan fhaighear gu na roghainnean fhad 's a tha thu san earrainn fiosrachadh dha pàrantan is tidsearan.

Fuaim

Cuir am fuaim air airson gun cluinn thu cuideachadh is fiosrachadh bhon Choineanach, bhon t-Sionnach is bhon Eun.

Ceòl
Faodaidh tu ceòl a' gheama a chur air is dheth le bhith a' bruthadh an iuchair 'm'.

Gheibhear cuideachd gun chuid mhòr den t-susbaint tron mheur-chlàr.