Notaichean Phàrant

Notaichean Phàrant



'S e cruinneachadh de gheamannan àireamh do chlann sna h-ìrean tràth den bhun-sgoil a th' ann an Aon, Dhà, Trì. Bidh Coineanach, Sionnach is Eun gad stiùireadh tro thrì seataichean ghnìomhan a th' air an dealbh gus smaoineachadh ro-innleachdail matamataig agus fuaisgleadh cheistean a bhrosnachadh.

Tha Aon, Dhà, Trì a' tòiseachadh le sgeulachd nan triùir a' fàgail an dachaigh agus a' dol a-mach air chuairt. Airson an ro-ràdh seo a sheachnadh agus a dhol dìreach gun chrois-rathaid, cliog air a' phutan san oir dheis aig a' bhonn. Aig a' chrois-rathaid faodaidh tu taghadh dè am beathach a tha thu airson a leantainn le bhith a' cliogadh air a' cheum air cùl a' Choineanaich, an t-Sionnaich no an Eòin.

Aon, Dhà, Trì

Tha dà sheòrsa gnìomh co-cheangailte ri gach beathach:

• amas mìnichte, a dh'fheumar a choileanadh le cho beag oidhirpean 's a ghabhas, aig na Geamannan (slighe a' chupa). Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh a rèir àireamh nan oidhirpean a thèid a ghabhail.
• obair neo-chuibhrichte far a bheil clann air am brosnachadh gu bhith a' rannsachadh is ag obair nan dòigh fhèin tha Gnìomhan Rannsachaidh (slighe a' bhailiùin).

Geamannan an t-Sionnaich

Tha 60 gèam anns gach earrainn, air an roinn ann an sia buidhnean de dheich geamannan le doirbheachd meudachail. Faodar na geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith.

Eun
Tha na geamannan sin coltach ri gnìomhan clasa far am bi clann a' cleachdadh ciùban co-naisgte airson an cuideachadh len obair àireimh. 'S e amas nan geamannan sin creutairean rin canar Sgogain a stiùireadh chun rùm stòrais. Feumar na Sgogain a rèiteachadh gus am bi na ceart-chearnachan a chruthaicheas iad den mheudachd is den chumadh ceart airson gluasad air adhart gun ath phàirt den obair.

Sionnach
Tha na geamannan sin coltach ri gnìomhan cunntaidh far am bi clann a' cleachdadh nithean mar cunntairean, grìogagan no blocaichean airson obair àireamh a dhèanamh. 'S e amas nan geamannan sin a bhith a' lìonadh soithichean-fànais leis an àireamh cheart de chreutairean rin canar Smeabalan.

Coineanach
'S e gnìomhan loidhne àireimh a tha seo far am bi thu a' toirt air a' Choineanach a bhith a' leum suas is sìos loidhne aireimh, a' dèanamh cinnteach gun socraich e air na glasraich bhlasta is gun seachain e na h-uilebheistean. Bidh Coineanach a' leughadh a-mach nan àireamhan cuir ris is thoir air falbh a dh'obraich e a-mach mar a tha e a' leum air ais is air adhart.

Tha trì roghainnean ann nuair a bhios gèam air a choileanadh.

i. Coimhead air Bhidio
Cliog air ìomhaigh an telebhisein airson coimhead ri bhidiothan de dh'òrain tarraingeach a bhrosnaicheas clann gus na ro-innleachdan a leanas a chleachdadh airson cuisteanan fhuasgladh:

a' planadh
a' feuchainn is a' leasachadh
a' smaoineachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte
a' lorg phàtrain
a' lorg dòigh-obrach a tha freagarrach
a' cur duilgheadas ann an suidheachadh cumanta
a' dèanamh dealbh dhen duilgheadas
a' bruidhinn mu dhuilgheadasan
a' faighneach 'dè ma?'
a' briseadh dhuilgheadasan sìos
a' lorg dol-às nuair nach eil an t-slighe sìmplidh.

ii. Coimhead ri Ath-chluiche
Cliog air an ìomhaigh ath-chluich airson clàradh den ghèam a tha thu air a chluich fhaicinn. Faodaidh seo do chuideachadh ag obrachadh a-mach dòigh anns am faodadh tu a bhith air ro-innleachd eadar-dhealaichte a chleachdadh airson sgòr na b' fheàrr fhaighinn.

iii. Cluich an Gèam a-rithist
Cliog air ìomhaigh na saigheid ma tha thu airson chluich a-rithist gus sgòr nas fheàrr fhaighinn mur d' fhuair thu cupa òir a' chiad turas.

Fuaim
Cuir am fuaim air gus an cluinn thu an cuideachadh is am fiosrachadh a tha Coineanach, Sionnach is Eun a' tabhann.

Faodar ceòl a' gheama a chur air is dheth le bhith a' bruthadh iuchair 'm'.



Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.