Notaichean Pàrant - Geamannan a' choineanaich

Notaichean Phàrant - Geamannan a' Choineanaich



Cliog air ìomhaigh a' chupa airson na geamannan a chluich. 'S e amas nan geamannan sin toirt air Coineanach na glasraich gu lèir air an loidhne àireimh ithe le cho beag oidhirpean 's a ghabhas.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta is gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an 6 buidhnean de 10 geamannan de dhuilgheadas co-ionann:

• grian(1 gu 10)
• oidhche (11 gu 20)
• sneachd (21 gu 30)
• laighe-grèine (31 gu 40)
• fànas (41 gu 50)
• baile mòr (51 gu 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam aig gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile mus fhaigh thu air fhosgladh.

Amasan a' Gheama
Thoir air a' Choineanach socrachadh air na glasraich le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh aig crìoch gach geama a rèir àireamh nan oidhirpean a chaidh a dhèanamh. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart tha an àireamh oidhirpean air a thaisbeanadh air oir dheis an sgriona aig a' bhonn. Tha oidhirp a' gabhail a-steach:

• meud an leum atharrachadh
• a' dèanamh leum.

Stiùireadh a' Gheama

• Tha àireamh nan oidhirpean a dh'fheumas Coineanach airson an gèam a chrìochnachadh air na bogsaichean air oir dheas na sgriona aig a' mhullach.

• Cliog air an t-saighead uaine airson toirt air Coineanach leum air an loidhne àireimh.

• Cliog air a' phutan thoir air falbh (no brùth iuchair chlì na saigheid air a' mheur-chlàr) no brùth air a' phutan cur ris (no brùth iuchair dheas na saigheid) airson atharrachadh a dhèanamh air an taobh a leumas Coineanach.

• Cliog air na siutan àireimh fon loidhne àireimh (no brùth an iuchair co-fhreagrach air a' mheur-chlàr) gus meud leum a' Choineanaich a thaghadh.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air glasraich tha e air ithe agus falbhaidh an glasraich bhon loidhne àireimh.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air uilebheist thèid a shadadh bhon loidhne àireimh mus tèid a chur air ais air an loidhne aig 0.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air trampoline nì e leum a bhios co-ionann ris an àireamh a th' air.

• Airson sealladh fhaighinn air na tha gu deas is clì air an loidhne àireimh, cuir an cùrsair air oirean deas is clì an sgriona.

Gnìomhan Rannsachaidh a' Choineanaich
Cliog air comharra a' bhailiùin air ceum a' Choineanaich airson na Gnìomhan Rannsachaidh a thaghadh. 'S e gnìomhan neo-chuibhrichte a th' annta sin far nach eil ro-thargaidean suidhichte agus bu chòir a' chlann a bhrosnachadh gus rannsachadh agus obrachadh nan dòigh fhèin. Tha iad air an dealbh airson a bhith air an cluich le clann nan aonar, le pàiste eile no le pàrant no tidsear. Faodaidh tu do thòimhseachain fhèin a chruthachadh anns na gnìomhan rannsachaidh. Faodaidh tu na glasraich, na h-uilebheistean is na trampolines a tha air an loidhne àireimh mu thràth a ghluasad is atharrachadh agus feadhainn eile a chur rithe.

Tha Rannsachadh 1 (am bailiùn clì) a' toirt fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• àireamhan corra is cothromach
• dùblachadh
• obair mhiùtach shìmplidh.

Tha Rannsachadh 2 (am bailiùn deas) a' toirt fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 6, 7, 8 agus 9
• iomadan de 2, 5 agus 10
• obair mhiùtach.

Stiùireadh Rannsachaidh
• Airson rudan a th' air an loidhne àireimh mu thràth a ghluasad, cliog orra agus slaod iad gun suidheachadh ùr. Airson sùil a thoirt tro na roghainnean, faodaidh tu am feartan atharrachadh le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga a nochdas.

• Airson rudan a thoirt às faodaidh tu cliogadh orra is an slaodadh gun àite fon loidhne àireimh.

• Airson glasraich is uilebheistean a chur rithe cliog air ìomhaighean a' churrain is nan uilebheistean san oir dheis aig a' bhonn agus slaod an cuspair gun loidhne àireimh. Faodaidh tu an glasraich non uilebheist a tha thu ag iarraidh a thaghadh le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga airson sùil a thoirt tro na roghainnean.

• Airson trampolines a chur ris an loidhne àireimh, cliog air ìomhaigh an trampoline san oir dheis aig a' bhonn agus slaod e gun loidhne àireimh. Tagh dè cho fada agus dè an taobh a leumas Coineanach nuair a shocraicheas e air an trampoline le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga airson sùil a thoirt tro na roghainnean. Ma thaghas tu trampoline na roinneig, bidh leum a' Choineanaich co-ionann ris an leum a rinn e airson socrachadh air an trampoline sin.

• Nuair a nochdas bailiùn dearg, thoir air a' Choineanach socrachadh air airson gnìomh rannsachaidh ùr a thòiseachadh.



Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.