Stiùireadh do thidsearan air gnìomh An Uaimh. Tha aig a' chloinn ri uaimh linn na cloiche a sgeadachadh, teine a thogail gus a chumail blàth agus biadh a lorg.

Notaichean Tidseir - An Uaimh



Anns a' ghnìomh seo, feumaidh a' chlann rudan a chruinneachadh airson cuirm ann an uaimh bho Linn na Cloiche. Ann a bhith a' dèanamh sin tha iad ag ionnsachadh mar a bha coimhearsnachdan san linn seo a' cruinneachadh biadh, mar a bha iad a' cumail blàth, agus mar a bha iad a' dèanamh innealan. Gabhaidh iad pàirt ann a bhith a' sealg bheathaichean agus glacaidh iad èisg. Anns a' ghèam tha dealbhan agus bhidiothan beòthail agus suidheachaidhean agus gnìomhan inntinneach.

Dèan Poca
Seo gèam furasta airson clann a bhrosnachadh gus tuigse is tomhais tùrail a chleachdadh airson poca Linn na Cloiche a dhèanamh. Le còmhradh eadar-obrachail is duais luath bheir an gèam seo tlachd dha clann agus brosnaichidh e ath-chluich. Tha an gèam a' sealltainn gur ann a' cruinneachadh, agus nach b' ann a' ceannach, biadh a bhathas ann an Linn na Cloiche.

Bha pocannan feumail airson a bhith a' giùlain biadh mar dearcan agus cnothan. Dh'fheumadh pocannan a bhith air an dèanamh bho thùs.

Dèan Poca

Dèan Sleagh
Bha sleaghan lìnn na cloiche air an dèanamh de fhiodh làidir le goban biorach, ailbhinn. Cruthaich sleagh làidir, geur a dh'itealaicheas tron èadhar. Tagh na stuthan ceart.

Dèan Sleagh

Sa ghèam feumaidh a' chlann sleagh a dhèanamh le bhith a' taghadh nan stuthan ceart. Ma thaghas iad na pàirtean den t-sleagh gu cùramach, gheibh iad cothrom an t-sleagh fhaicinn ag obair, ag itealaich a dh'ionnsaigh targaid le mionaideachd Palaeolithic.

Glac Èisg
Dhèanadh meall mòr èisg fìor chuirm dha treubh Linn na Cloiche ach chan eil e cho furasta sin fhaighinn. Sa ghèam seo faodaidh a' chlann feuchainn ri nas urrainn dhaibh de dh'iasg a ghlacadh airson cuirm le bhith a' bruthadh air an iasg len luchaig agus a' seachnadh na h-iolaire a tha ag itealaich os an cionn. Bheir an gnìomh seo sealladh dhan chloinn air mar a bhiodh sealgairean ro-eachdraidheil gam biadhadh fhèin is an teaghlaichean gus a thighinn beò ann an àrainneachd gharbh.

Glac èisg

Tog Teine
Bhiodh uaimh lìnn na cloiche fuar agus dorch ach dhèanadh teine àite blàth, seasgair dhith. Sa ghnìomh bhrosnachail seo cuidichidh a' chlann dithis bhon uaimh gus teine a thogail. Gèam dathach a tha a' coimhead fìor agus a tha a' cruthachadh àm brosnachail eachdraidheil ann an dòigh a chòrdas ri clann.

Tog teine

Dèan Dealbh air Balla na h-Uaimhe
Bheir gnìomh peantadh na h-uaimhe sealladh dhan chloinn air beatha ann an Linn na Cloiche. Faodar cumaidhean a chur air balla uaimhe gus a sgeadachadh. Faodaidh a' chlann na dealbhan a chur ann an òrdugh gus sgeulachdan innse mun eòlas fhèin ann an cluich gnìomhan na seilge is a' dèanamh teine, dìreach mar a bhiodh daoine ann an Linn na Cloiche a' dèanamh, no faodar an gèam a chluich dìreach mar ghèam. Faodar dealbhan na gnìomhachd a chlò-bhualadh agus an cleachdadh gus balla dha-rìribh a sgeadachadh.

Dealbh air balla uaimh

Tha na dealbhan uaimhe as ainmeil ann an Lascaux, An Fraing agus Altamira, An Spàinn. Rinn luchd-ealain uaimh peanta à talamh, sùithe agus lusan. Bhiodh iad a' peantadh le clachan, biorain, meuran agus bruisean air an dèanamh à bian, craiceann no còinneach.

Sealg Beathach Mòr*
Dhèanadh beathach mòr molach deagh bhiadh dha treubh bho Linn na Cloiche ged nach eil e furasta a ghlacadh. Sa ghèam seo bidh clann ag iomain beathach mòr gu sloc far an tèid a ghlacadh, dìreach mar a bhiodh sealgairean Linn na Cloiche a' dèanamh. Tha am beathach mòr an uairsin dha "mharbhadh" le sleag. Bheir an gèam sealladh dhan chloinn air mar a bhiodh sealgairean Linn na Cloiche a' tighinn beò ann an àrainneachd gharbh.

Sealg beathach mòr

*Tha beathach mòr ga iomadadh agus ga "mharbhadh" le sleagh anns a' ghèam seo.

Am Pàrtaidh
Cuir crìoch air na gnìomhan gu lèir agus cosnaidh tu ceithir clachan agus an cothrom a dhol chun pàrtaidh!





Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.