Stiùireadh mun ghnìomh, Ag Atharrachadh, far a bheil aig clann ri loidhne tìm a chruthachadh a' sealltainn mar a tha iad air fàs bho bhith nan naoidheanan.

Notaichean Tidseir - Ag Atharrachadh



Tha an gèam seo mu thìde agus fàs suas. Suidhichte ann an gàrradh-sgoile tha e feumail airson aithne a thoirt don leanabh air mar a tha ùine a' dol seachad agus mar a chuireas iad tachartasan ann an suidheachadh eachdraidheil. 'S e Boban, am muncaidh, an neach-iùil.

Faodaidh an cluichdeadair dealbh a dhèanamh air mar a dh'atharraich iad fhèin bho bha iad nan naoidheanan le bhith ag òrdachadh dealbhan a' sealltainn:

• ìrean fàis
• dèideagan
• aodach
• gnìomhan
• biadh
• foghlam
• cur-seachadan • cèicichean co-là-breith

Ag Atharrachadh

Nì clann roghainnean a' sealltainn 'mar a dh'atharraich mi', le bhith a' cliogadh agus a' tarraing nan dealbh ann an òrdugh gu balla-streap.

Nì iad loidhne-tìm de dhealbhan a' sealltainn rudan a bhiodh iad a' dèanamh aig diofar aoisean agus ìrean. Faodaidh clann obrachadh nan càraidean a' dèanamh coimeas eadar na rudan air an cuimhnich iad mus robh iad aois na sgoile agus a' dèanamh liostaichean de rudan 'bèibidh' agus 'mise a-nis'.

Bidh a' ghnìomh seo a' leasachadh sgilean cur an òrdugh agus sgeulachd agus mothachadh air 'mi fhìn', 'mo theaghlach' agus 'mo charaidean'.

Molaidhean airson leasanan
A' fàs suas ann an cultaran eile; A' fàs suas anns na làithean a dh'fhalbh: Coimeas eadar dealbhan bèibidh agus iad fhèin an-diugh; Dèanamh leabhar mu 'mo bheatha'.





Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.