Notaichean Tidseir air An-diugh 's An-dè - Trì gnìomhan eachdraidh do chlann anns na tràth ìrean den bhun-sgoil. An Uaimh - beatha ann an uaimh bho linn na cloiche. Ag Atharrachadh agus Mo Latha - a' coimhead ri loidhne tìm agus a bhith a' fàs.

Notaichean Tidseir



Air làrach An-diugh is An-dè tha trì gnìomhan An Uaimh, Mo Latha agus Ag Atharrachadh, a tha freagarrach do sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh Tràth agus Ciad ìrean a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais.

Tha dà ghnìomh stèidhichte air beatha agus fèin-fhiosrachadh an leanaibh agus an treas tè a' toirt a' chothroim dhaibh a dhol air ais ann an tìm gu Linn na Cloiche gus faicinn co ris a bha beatha ann an uaimh coltach.

Faodar ceanglaichean a dhèanamh gu earrannan eile den churraicealam leithid Eòlas Ealain Cruthachail, Slàinte agus Sunnd, Teicneòlasan agus Creideamh agus Moraltachd.

An Uaimh (Cave Dwellers)
Anns a' ghnìomh seo, feumaidh a' chlann rudan a chruthachadh agus a chruinneachadh airson cuirm ann an uaimh bho Linn na Cloiche.

An Uaimh

Ag Atharrachadh (How I Have Changed)
Tha an gèam seo mu thìde agus fàs suas. Tha e feumail airson aithne a thoirt don leanabh air mar a tha ùine a' dol seachad agus mar a chuireas iad tachartasan ann an suidheachadh eachdraidheil.

Ag Atharrachadh

Mo Latha (My Day Now)
Sa ghnìomh dhathach seo tha clann ag òrdachadh nithean làitheil rè tachartais gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a thèid an ùine seachad ann an aon latha.

Loidhne tìm Mo Latha

Taic Fuaim is Teacsa
Cliog air a' phutan, Roghainnean, airson:

• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan a thabhainn airson a' mhòr chuid den t-susbaint
• teacsa an sgrion ath-mheudachadh
• atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil.

Chan eil na Roghainnean rim faotainn bho dhuilleagan pàrantan agus tidsearan.





Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.