Notaichean Phàrant

Air làrach An-diugh 's An-dè tha trì gnìomhan air cuspair eachdraidh do chlann sna tràth ìrean den bhun-sgoil. Tha dà ghnìomh stèidhichte air beatha agus fèin-fhiosrachadh an leanaibh agus an treas tè a' toirt a' chothroim dhaibh a dhol air ais ann an tìm gu uaimh ann an Linn na Cloiche.

An Uaimh (Cave Dwellers)
Siubhail air ais mìltean de bhliadhnachan gu Linn na Cloiche agus ionnsaich mu bheatha a' fuireach ann an uaimh. Sgeadaich balla na h-uaimhe le dealbhan, tog teine, cruthaich innealan agus sealg biadh. Am faigh thu gu leòr don h-uile duine?

An Uaimh

Ag Atharrachadh (How I Have Changed)
Seall mar a dh'atharraich thu bho bha thu nad naoidhean le bhith a' cur nithean bho do bheatha fhèin dhan òrdugh san do thachair iad. Nì Boban, am muncaidh, dannsa agus seinnidh e òran mu bhith a' fàs suas nuair e chì e an t-atharrachadh.

Ag Atharrachadh

Mo Latha (My Day Now)
Cuir nithean làitheil, mar frithealadh na sgoile agus coimhead telebhisein, dhan òrdugh san do thachair iad. Clò-bhuail d' obair agus coimhead dealbhan-beò den latha a chruthaich thu.

Loidhne tìm Mo Latha

Taic Fuaim is Teacsa
Cliog air a' phutan, Roghainnean, airson:

• teacsa an sgrion ath-mheudachadh
• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan a thabhainn airson a' mhòr chuid den t-susbaint
• atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil.

Chan eil na Roghainnean rim faotainn bho dhuilleagan pàrantan agus tidsearan.

Notaichean Phàrant - Ag Atharrachadh

Tha an gnìomh seo mu thìm agus a bhith a' fàs suas. Tha an gèam feumail airson aithne a thoirt don leanabh air mar a tha ùine a' dol seachad, mar a dh'atharraich iad fhèin agus mar a chuireas iad tachartasan ann an suidheachadh eachdraidheil. 'S e am muncaidh, Boban, an neach-iùil.

Faodaidh an cluichdeadair dealbh a dhèanamh air mar a dh'atharraich iad fhèin bho bha iad nan naoidheanan le bhith ag òrdachadh dealbhan a tha a' sealltainn:

• ìrean fàis
• dèideagan
• aodach
• gnìomhan
• biadh
• foghlam
• cur-seachadan
• cèicichean co-là-breith

Ag Atharrachadh

Sa ghnìomh, cliog air na dealbhan air taobh clì an sgrion agus tarraing chun balla-streap iad.

Cliog air a' ghlainne meudachaidh gus sùil nas mionaidich a thoirt air an loidhne-tìm. Cleachd na saigheadan airson a ghluasad.

Cuir dath air na dealbhan le bhith a' cliogadh ìomhaigh a' chreidhein, a' taghadh dath agus a' slaodadh a' chreidhein thairis air an dealbh.

Cliog air ìomhaigh na h-òrdaig nuair a tha an loidhne-tìm deiseil.

Faodar an loidhne-tìm a chlò-bhualadh.

Aig deireadh a' ghnìomh, seinnidh am muncaidh òrain mu bhith a' fàs agus dannsaidh e.

Notiachean Phàrant - Mo Latha

Sa ghnìomh dhathach seo tha an cluicheadair ag òrdachadh nithean làitheil rè tachartais gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a thèid an ùine seachad ann an aon latha.

Stiùiridh Boban, am muncaidh, thu tron ghnìomh.

Cruthaich caractar airson do riochdachadh, a' taghadh:

• cruth fuilt
• dath fuilt
• dath sùilean
• dath craicinn
• aodach.

Boban am muncaidh le clàr de làithean na seachdaine

Seallaidh Boban an uairsin clàr le làithean na seachdaine. Tha fios aige dè an latha a th' ann an-diugh agus innsidh e dè an latha a bh' ann an-dè is dè an latha a bhios ann a-màireach.

Loidhne tìm Mo Latha

Sa ghnìomh, cliog air na dealbhan agus tarraing chun loidhne-tìm aig bonn na sgrion iad.

Òrdaich na dealbhan gus òrdugh tachartasan bho mhadainn gu oidhche a shealltainn.

Atharraich òrdugh nan dealbh le bhith a' cliogadh orra agus dhan tarraing gu earrann eile den loidhne-tìm.

Gabhaidh an loidhne-tìm a chlò-bhualadh agus dealbhan-beò den latha chruthaichte a choimhead.

Cliog air ìomhaigh nam banana gus tilleadh chun sgrion roimhe.

Cliog air ìomhaigh a' mheal-bhuc airson a dhol air adhart chun ath sgrion.

Cliog air an orainsear airson am fuaim a chuir dheth.

Notaichean Phàrant - An Uaimh

Siubhail air ais mìltean de bhliadhnachan agus dèan deiseil airson Pàrtaidh Linn na Cloiche ann an uaimh. Lorg biadh gu leòr dhan h-uile duine, sgeadaich ballachan na h-uaimhe agus tog teine. Tha dithis chloinne bho linne na cloiche ri làimh airson stiùireadh a thoirt seachad air gach gnìomh.

Cliog air an telebhisean ann an oisean an rùim-suidhe airson a dhol a-steach a shaoghail luchd na h-uaimhe.

'S iad na gnìomhan:

• thog teine
• dèan dealbh uaimh
• dèan innealan (dèan poca, glac èisg)
• faigh beagan bìdh (dèan sleigh, sealg beathach mòr)

Airson gnìomh a thaghadh, cliog air a' bhòrd fiodha aig mullach taobh chlì an sgrion.

Dèan Innealan
Tagh aon den dà ghnìomh air a' bhòrd fhiodha.

Dèan Sleagh
Bha sleaghan lìnn na cloiche air an dèanamh de fhiodh làidir le goban biorach, ailbhinn.

Sa ghnìomh, cruthaich sleagh làidir, geur a dh'itealaicheas tron èadhar. Tagh na stuthan ceart.

Tha caochladh stuth air an talamh. Cliog agus tarraing an stuth a tha thu airson a chleachdadh chun phàirt den t-sleagh a tha a' boillsgeadh.

Feumaidh tu trì sleaghan a dhèanamh. Nuair a tha iad deiseil, cliog air sleagh, tarraing le do luchaig e agus cuimsich air an targaid. Cliog air sleagh airson a thilgeil a-rithist.

Dèan Sleagh

Dèan Poca
Dèan poca a chumas deich clachan troma. Bha pocannan feumail airson a bhith a' giùlain biadh mar dearcan agus cnothan. Dh'fheumadh pocannan a bhith air an dèanamh bho thùs.

Tha caochladh stuthan air an talamh. Cliog agus tarraing an stuth a tha thu airson a chleachdadh chun phàirt den phoca a tha a' boillsgeadh.

Feuch neart do phoca. Cliog air na clachan agus tarraing dhan phoca iad. Ma reubas e feumaidh tu tòiseachadh a-rithist.

Cliog air an ìomhaigh aig bàrr taobh deas an sgrion airson na gnìomhan seo fhàgail agus tilleadh gu stiùireadh clann na h-uaimhe.

Dèan Poca

Faigh Beagan Bìdh
Tagh aon den dà ghnìomh air a' bhòrd fhiodha.

Glac Èisg
Dhèanadh sgaoth èisg biadh mòr do threub bho Linn na Cloiche. Cia mheud iasg a ghlacas tu is iad a' leum às an uisge? Thoir an aire dhan iolaire gu-tà, tha an t-acras oirre agus tha i airson falbh leis an iasg ort.

Glac èisg

Glac nas urrainn dhut de dh'èisg le bhith a' cliogadh orra nuair a leumas iad às an t-uisge.

Cùm an iolaire air falbh le bhith a' suathadh do luchaig thairis air an iasg air bruaich na h-aibhne.

Mura glac thu iasg gu leòr feumaidh tu tòiseachadh a-rithist.

Cliog air an ìomhaigh aig bàrr taobh deas an sgrion airson na gnìomhan seo fhàgail agus tilleadh gu stiùireadh clann na h-uaimhe.

Sealg Beathach Mòr
Ann an Linn na Cloiche, chumadh beathach mòr biadh ri buidheann airson iomadach latha. Sa ghèam seo feumar beathach mòr iomain gu sloc far an tèid a ghlacadh, dìreach mar a bhiodh sealgairean Linn na Cloiche a' dèanamh.

Sealg beathach mòr

Gus toirt air a' bheathach a dhol gu deas, cùm an luchag air an t-saigheid air an taobh chlì.

Gus toirt air a' bheathach a dhol gu clì cùm an luchag air an t-saigheid air an taobh deas.

Às dèidh dhan bheathach a bhith air a ghlacadh, cliog air sleagh airson a tilgeil air a' bheathach.

Cliog air an ìomhaigh aig bàrr taobh deas an sgrion airson na gnìomhan seo fhàgail agus tilleadh gu stiùireadh clann na h-uaimhe.

Tog Teine
Bhiodh uaimh linn na cloiche fuar agus dorch ach dhèanadh teine àite blàth, seasgair dhith. Bha na daoine a' cur earbs ann an teine airson blàths, solas, còcaireachd agus airson beathaichean fiadhaich a chumail air falbh.

Tog teine

Tog an teine le na biorain as freagarraiche a tharraing thuige. Obraichidh na biorain thioram nas fheàrr na an fheadhainn fhluich.

Nuair a tha biorain gu leòr agad air an teine, deàrrsaidh an dà chlach. Cliog orra agus lasaidh iad an teine.

Cùm an teine a' dol le bhith:

• a' cur biorain thioram ris agus
• a' cliogadh air an nighinn gus an sèid i air.

Ma thèid an teine ro àrd no ma thèid e às feumaidh tu tòiseachadh a-rithist.

Dèan Dealbh air Balla na h-Uaimhe
Tha na dealbhan uaimhe as ainmeil ann an Lascaux, An Fraing agus Altamira, An Spàinn. Rinn luchd-ealain uaimh peanta à talamh, sùithe agus lusan. Bhiodh iad a' peantadh le clachan, biorain, meuran agus bruisean air an dèanamh à bian, craiceann no còinneach.

Dealbh air balla uaimh

Sa ghnìomh, cliog air na h-ìomhaighean a tha thu airson a chleachadh agus tarraing chun a' bhalla mu do choinneamh iad.

Cliog air dath airson a thaghadh.

Cliog air ìomhaigh na meòir air a' bhòrd fhiodha airson dath a chur ris an dealbh.

Cliog air ìomhaigh an inneil airson gràbhaladh a dhèanamh.

Clò-bhuail na dealbhan airson balla dha-rìribh a sgeadachadh leotha.

Am Pàrtaidh
Cuir crìoch air na gnìomhan gu lèir agus cosnaidh tu ceithir clachan agus an cothrom a dhol chun pàrtaidh.