Stiùireadh do phàrantan air a' ghnìomh Mo Latha far a bheil aig clann ri nithean bho aon latha a chur ann an òrdugh tachartais. Le iomradh, ann an Gàidhlig, air làithean na seachdaine, an-diugh agus an-dè.

Notiachean Phàrant - Mo Latha



Sa ghnìomh dhathach seo tha an cluicheadair ag òrdachadh nithean làitheil rè tachartais gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a thèid an ùine seachad ann an aon latha.

Stiùiridh Boban, am muncaidh, thu tron ghnìomh.

Cruthaich caractar airson do riochdachadh, a' taghadh:

• cruth fuilt
• dath fuilt
• dath sùilean
• dath craicinn
• aodach.

Boban am muncaidh le clàr de làithean na seachdaine

Seallaidh Boban an uairsin clàr le làithean na seachdaine. Tha fios aige dè an latha a th' ann an-diugh agus innsidh e dè an latha a bh' ann an-dè is dè an latha a bhios ann a-màireach.

Loidhne tìm Mo Latha

Sa ghnìomh, cliog air na dealbhan agus tarraing chun loidhne-tìm aig bonn na sgrion iad.

Òrdaich na dealbhan gus òrdugh tachartasan bho mhadainn gu oidhche a shealltainn.

Atharraich òrdugh nan dealbh le bhith a' cliogadh orra agus dhan tarraing gu earrann eile den loidhne-tìm.

Gabhaidh an loidhne-tìm a chlò-bhualadh agus dealbhan-beò den latha chruthaichte a choimhead.

Cliog air ìomhaigh nam banana gus tilleadh chun sgrion roimhe.

Cliog air ìomhaigh a' mheal-bhuc airson a dhol air adhart chun ath sgrion.

Cliog air an orainsear airson am fuaim a chuir dheth.





BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.