Stiùireadh do phàrantan air gnìomh An Uaimh. Tha aig a' chloinn ri uaimh linn na cloiche a sgeadachadh, teine a thogail gus a chumail blàth agus biadh a lorg.

Notaichean Phàrant - An Uaimh



Siubhail air ais mìltean de bhliadhnachan agus dèan deiseil airson Pàrtaidh Linn na Cloiche ann an uaimh. Lorg biadh gu leòr dhan h-uile duine, sgeadaich ballachan na h-uaimhe agus tog teine. Tha dithis chloinne bho linne na cloiche ri làimh airson stiùireadh a thoirt seachad air gach gnìomh.

Cliog air an telebhisean ann an oisean an rùim-suidhe airson a dhol a-steach a shaoghail luchd na h-uaimhe.

'S iad na gnìomhan:

• thog teine
• dèan dealbh uaimh
• dèan innealan (dèan poca, glac èisg)
• faigh beagan bìdh (dèan sleigh, sealg beathach mòr)

Airson gnìomh a thaghadh, cliog air a' bhòrd fiodha aig mullach taobh chlì an sgrion.

Dèan Innealan
Tagh aon den dà ghnìomh air a' bhòrd fhiodha.

Dèan Sleagh
Bha sleaghan lìnn na cloiche air an dèanamh de fhiodh làidir le goban biorach, ailbhinn.

Sa ghnìomh, cruthaich sleagh làidir, geur a dh'itealaicheas tron èadhar. Tagh na stuthan ceart.

Tha caochladh stuth air an talamh. Cliog agus tarraing an stuth a tha thu airson a chleachdadh chun phàirt den t-sleagh a tha a' boillsgeadh.

Feumaidh tu trì sleaghan a dhèanamh. Nuair a tha iad deiseil, cliog air sleagh, tarraing le do luchaig e agus cuimsich air an targaid. Cliog air sleagh airson a thilgeil a-rithist.

Dèan Sleagh

Dèan Poca
Dèan poca a chumas deich clachan troma. Bha pocannan feumail airson a bhith a' giùlain biadh mar dearcan agus cnothan. Dh'fheumadh pocannan a bhith air an dèanamh bho thùs.

Tha caochladh stuthan air an talamh. Cliog agus tarraing an stuth a tha thu airson a chleachdadh chun phàirt den phoca a tha a' boillsgeadh.

Feuch neart do phoca. Cliog air na clachan agus tarraing dhan phoca iad. Ma reubas e feumaidh tu tòiseachadh a-rithist.

Cliog air an ìomhaigh aig bàrr taobh deas an sgrion airson na gnìomhan seo fhàgail agus tilleadh gu stiùireadh clann na h-uaimhe.

Dèan Poca

Faigh Beagan Bìdh
Tagh aon den dà ghnìomh air a' bhòrd fhiodha.

Glac Èisg
Dhèanadh sgaoth èisg biadh mòr do threub bho Linn na Cloiche. Cia mheud iasg a ghlacas tu is iad a' leum às an uisge? Thoir an aire dhan iolaire gu-tà, tha an t-acras oirre agus tha i airson falbh leis an iasg ort.

Glac èisg

Glac nas urrainn dhut de dh'èisg le bhith a' cliogadh orra nuair a leumas iad às an t-uisge.

Cùm an iolaire air falbh le bhith a' suathadh do luchaig thairis air an iasg air bruaich na h-aibhne.

Mura glac thu iasg gu leòr feumaidh tu tòiseachadh a-rithist.

Cliog air an ìomhaigh aig bàrr taobh deas an sgrion airson na gnìomhan seo fhàgail agus tilleadh gu stiùireadh clann na h-uaimhe.

Sealg Beathach Mòr
Ann an Linn na Cloiche, chumadh beathach mòr biadh ri buidheann airson iomadach latha. Sa ghèam seo feumar beathach mòr iomain gu sloc far an tèid a ghlacadh, dìreach mar a bhiodh sealgairean Linn na Cloiche a' dèanamh.

Sealg beathach mòr

Gus toirt air a' bheathach a dhol gu deas, cùm an luchag air an t-saigheid air an taobh chlì.

Gus toirt air a' bheathach a dhol gu clì cùm an luchag air an t-saigheid air an taobh deas.

Às dèidh dhan bheathach a bhith air a ghlacadh, cliog air sleagh airson a tilgeil air a' bheathach.

Cliog air an ìomhaigh aig bàrr taobh deas an sgrion airson na gnìomhan seo fhàgail agus tilleadh gu stiùireadh clann na h-uaimhe.

Tog Teine
Bhiodh uaimh linn na cloiche fuar agus dorch ach dhèanadh teine àite blàth, seasgair dhith. Bha na daoine a' cur earbs ann an teine airson blàths, solas, còcaireachd agus airson beathaichean fiadhaich a chumail air falbh.

Tog teine

Tog an teine le na biorain as freagarraiche a tharraing thuige. Obraichidh na biorain thioram nas fheàrr na an fheadhainn fhluich.

Nuair a tha biorain gu leòr agad air an teine, deàrrsaidh an dà chlach. Cliog orra agus lasaidh iad an teine.

Cùm an teine a' dol le bhith:

• a' cur biorain thioram ris agus
• a' cliogadh air an nighinn gus an sèid i air.

Ma thèid an teine ro àrd no ma thèid e às feumaidh tu tòiseachadh a-rithist.

Dèan Dealbh air Balla na h-Uaimhe
Tha na dealbhan uaimhe as ainmeil ann an Lascaux, An Fraing agus Altamira, An Spàinn. Rinn luchd-ealain uaimh peanta à talamh, sùithe agus lusan. Bhiodh iad a' peantadh le clachan, biorain, meuran agus bruisean air an dèanamh à bian, craiceann no còinneach.

Dealbh air balla uaimh

Sa ghnìomh, cliog air na h-ìomhaighean a tha thu airson a chleachadh agus tarraing chun a' bhalla mu do choinneamh iad.

Cliog air dath airson a thaghadh.

Cliog air ìomhaigh na meòir air a' bhòrd fhiodha airson dath a chur ris an dealbh.

Cliog air ìomhaigh an inneil airson gràbhaladh a dhèanamh.

Clò-bhuail na dealbhan airson balla dha-rìribh a sgeadachadh leotha.

Am Pàrtaidh
Cuir crìoch air na gnìomhan gu lèir agus cosnaidh tu ceithir clachan agus an cothrom a dhol chun pàrtaidh.

Air ais | 




Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.