[an error occurred while processing this directive]

Mu BBC ALBA

BBC ALBA


  • Gheibhear BBC ALBA air:

    - Sky 143 (RA)

    - Freeview / You View 8 (ALBA a-mhàin)

    - Virgin Media 161 (RA)

    - Freesat 110 (RA)

    - BT Vision 8 (ALBA a-mhàin)

    - Smallworld 170 (Siorrachd Àir agus Iar-Thuath Shasainn)

    - Beò air BBC iPlayer (UK)

  • BBC ALBA

    Air 19 Sultain 2008, chuir co-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA seirbheis trì-meadhanach air bhog.

    Sianal Tbh digeatach a' craoladh prògraman Gàidhlig gach latha

    Le prògraman naidheachd, spòrs Albannach, prògraman ciùil, prògraman aithriseach, prògraman chloinne agus fèisteas.

  • BBC Radio nan Gàidheal

    An stèisean rèidio nàiseanta Gàidhlig bhon a' BhBC

    Ga craoladh air rèidio ann an Alba, beò air-loidhne is tro sheirbheis èist a-rithist aig bbc.co.uk/radionangaidheal agus ri chluinntinn air sianal telebhisean didseateach BBC ALBA nuair nach eil an sianal a' craoladh.

  • BBC ALBA Air-loidhne

    Duilleagan Gàidhlig air-loidhne aig bbcalba.co.uk:

    bbc.co.uk/bbcalba – Làrach-lìn seanal didseatach Gàidhlig BBC ALBA

    bbc.co.uk/radionangaidheal – Làrach-lìn Radio nan Gàidheal

    bbcalba.co.uk – Naidheachdan air-loidhne, aimsir, stuthan foghlaim, inneal eadar-theangaiche agus duilleagan òigridh.

  • Ceistean cumanta

    Gheibhear freagairt air ceistean cumanta eile mu sianal BBC ALBA air làrach-lìn MG ALBA.

  • Co-bhanntachd A' BhBC & MG ALBA

    Tha Meadhanan Gàidhlig Alba agus a' BhBC ag obair ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr didseatach Gàidhlig a lìbhrigeadh. Tha a' cho-bhanntachd ag obair aig ìrean corporra agus gnìomhachail le luchd-obrach bhon dà bhuidhinn ag obair gus an t-seirbheis ùr a lìbhrigeadh.

    'S i Ceannard Seirbheis BBC ALBA Mairead Màiri Mhoireach (Neach-obrach BBC) ag obair còmhla ri Ceannard Phrògraman MG ALBA, Ailean Esslemont. Chan eil prìomh-oifis fhoirmeil aig BBC ALBA. Tha an luchd-obrach agus gnìomhachd stèidhichte air feadh Alba, ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Glaschu. 'S e MG ALBA a' bhuidheann air a bheil uallach airson dèanamh cinnteach gu bheil measgachadh de prògraman de shàr ghnè ri fhaotainn le daoine ann an Alba le bhith a' maoineachadh, a' coimiseanadh no a' riochdachadh do thelebhisean, rèidio, air-loidhne agus nuadh meadhanan agus le bhith a' dol an sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc. Tha prògraman BBC ALBA air an riochdachadh le companaidhean neo-eisimeileach, leis a' BhBC agus STV.

    Chan eil uallach air a' BhBC airson an th' air làraich-lìn eile.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.